Tagraichean Earra-Ghàidheal is Bhòid

Tha tagraichean Earra-Ghàidheal 's Bhòid uile ag aideachadh gu bheil Covid-19 a' toirt buaidh air an dòigh anns a tha iad a' feuchainn ri na teachdaireachdan agus na h-amasan aca a' sgaoileadh do luchd-bhòtaidh na sgìre.

Tha iad uile ag amas air na rudan a tha ag adhbhrachadh dragh don t-sluagh a dhèanamh nas fheàrr le geallaidhean ùra a thaobh an A83, taigheadas, bann-leathainn agus taic do ghniomhasachan.

Tha an aithris seo aig Calum MacAmhlaigh.