Naidheachdan 11:00m

Thuirt na Tòraidhean nach toir iad feart air iarrtas Làbarach airson rannsachadh pàrlamaid mu choiteachadh phoileataigeach agus ceanglaichean an Riaghaltais ris a' chompanaidh ionmhais Greensill Capital. Chaidh iarraidh air na buill Thòraidheach bhòtadh an aghaidh moladh nan Làbarach ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Tha na Làbaraich ag ràdh nach gabh earbsa cur ann an rannsachadh a chuireadh na Tòraidhean air bhonn.

Tha deuchainnean farsaing san Rìoghachd Aonaichte air measgachadh dà sheòrsa banachdaich Covid, eadar a' chiad agus an dàrna dòs, a' leudachadh gu dà dhroga ùr, Moderna agus Novovax. Faodaidh feadhainn a tha nas sine na 50 agus a fhuair a' chiad dòs de bhanachdaich Pfizer neo AstraZeneca pàirt iarraidh sna deuchainnean.

Chaill fireannach a bheatha ann an teine ann am meadhan Inbhir Nis. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn goirid ro 03:00m gun robh teine ann an togalach ann an Queensgate. Thuirt poilis gun robh duine, a bha 57, marbh ann am flat san togalach.

Tha ceannardan Comhairle na Gàidealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh gealltanais bho na pàrtaidhean poileataigeach ro thaghadh na h-Alba gun dèan iad rudeigin mun èiginn le cion thaighean. Thuirt an Comhairliche Margaret Davidson agus Comhairliche Ruairidh MacAoidh gu bheil e follaiseach gu bheil cion thaighean dhaibh a' toirt air mòran dhaoine òga na coimhearsnachdan dham buin iad fhàgail agus gur ann nas miosa buileach a bhios an èiginn sin mura faigh iad airgead airson taighean ùra.

Thuirt fear a bha na àrd-oifigeach aig an UN gur dòcha gum feumar maill a chur air co-labhairt na gnàth-shìde ris am bheil dùil ann an Glaschu san t-Samhain. Chaidh dàil aon uair mar-thà air cruinneachadh COP26 ach dh'innis Yvo de Boer dhan BhBC gum biodh e na b' fheàrr a chur dheth turas eile seach cruinneachadh bhiortail a chumail.

Bha lùghdachadh 20% ann am prothaid ro chìsean Tesco a dh'aindeoin iad a' reic barrachd stuth agus a' chompanaidh a' cosg faisg air £900m a' cumail a' dol tron Phandemic. Tha Tesco ag ràdh gu bheil iad, a dh'aindeoin, sin ann an suidheachadh làidir airson gluasad air adhart.