Dòchas do bhoireannaich le endometriosis

Tha Oilthigh Dhùn Èideann ag ràdh gu bheil iad dòchasach mu dheuchainnean clionaigeach air druga 'son an tinneis endometriosis.

Ged nach d'fhuair iad fhathast leigheas air a shon, tha cuid dhen na boireannaich a tha a' gabhail pàirt sna deuchainnean ag ràdh gu bheil iad air faochadh fhaighinn bho chomharran an tinneis.

Tha an aithris seo aig Annabel NicIllinnein.