Seirbheisean slàinte Phort Rìgh

Thuirt riochdairean coimhearsnachd ann an Ceann a Tuath an Eilein Sgitheanaich gum feum NHS na Gàidhealtachd coimhead a-rithist ris na roghainnean aca airson seirbheisean slàinte ann am Port Rìgh, agus gu feumas cur às dhen bheachd Ospadal Phort Rìgh a dhùnadh agus na seirbheisean a ghluasad gu làrach na dachaigh-cùraim Home Farm.

Nochd seo mar phàirt de choinneamh a' coimhead air na chaidh a dhèanamh bho chaidh molaidhean Sir Lewis Ritchie airson seirbheisean slàinte na sgìre fhoillseachadh bho chionn trì bliadhna. Tha tuilleadh aig Alasdair MacLeòid …