Mì-chinnt mu dheidhinn siubhal

Thuirt Buidheann Turasachd Innse Gall gu bheil gnìomhachasan turasachd air ceithir millean not a chall air sgàth na mì-chinnt mu dè an siubhal a bhios ceadaichte aig deireadh na mìos.

An-dràsta, 's ann air adhbharan riatanach a-mhàin as urrainn do dhaoine a dhol air ais is air adhart eadar na h-eileanan is tìr-mòr.

Aig deireadh a' Ghiblein bidh cothrom aig daoine siubhal feadh tìr-mòr na h-Alba, ach chan eil dearbhadh ann fhathast air dè bhios ceadaichte dha na h-eileanan.

Mar thorradh air an sin, tha mòran air soar-làithean a chur dheth. Tha barrachd aig Ruairidh Rothach …