Sgoilearan àrd-sgoile uile gus tilleadh dhan sgoil

Tillidh sgoilearan àrd-sgoile chun na seòmraichean-teagaisg as dèidh làithean-saora na Càisge mar a bha dùil. Sin a dhearbh Prìomh Mhinisteir na h-Alba an-diugh. 'S iad na sgoilearan a tha gan cumail fhèin a-staigh ri linn trioblaidean slàinte sònraichte a-mhàin nach till a' chiad ghreis, ach tha dùil riutha-san air ais ro dheireadh na mìos. Seo Nicole Webber...