Ùidh ann an rothaireachd a'fàs an Alba

Thàinig àrdachadh san àireamh thursan a chaidh a dhèanamh air baidhsagal cha mhòr a h-uile mìos sa bhliadhna a dh'fhalbh. Sin a rèir na buidhne Rothaireachd Alba. Thuirt iad gun d'thàinig àrdachadh cha mhòr leth cheud sa cheud air an àireamh thursan sa bhliadhna chun a' Mhàirt, an taca ris a bhliadhna ron a sin. Tha iad ag ràdh gu bheil cruaidh fheum air atharraichean mòra a thaobh bunstructur, mas e rud tha seo a tha dol a' mhaireachdainn. Seo Annabel NicillInnein.