Dreuchdan Gàidhlig

Tha Comunn na Gàidhlig a' sanasachd an dràsta 'son sianar oifigearan leasachaidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar.

Bidh na h-oifigearan sin ag amas gu àraid air òigridh a bhrosnachadh chun na Gàidhlig an rithist aon uair 's gun tèid bacaichean a choròna-bhìorais a thogail.

Tha tuilleadh aig Anndra MacFhionghain.