Naidheachdan 11:00m

Tha Lùchairt Bhuckingham air innse gun deach obair shoirbheachail a dhèanamh air cridhe Diùc Dhùn Èideann. Bidh an Diùc, a tha 99, a' fuireach anns an ospadal ann an Lunnainn airson grunnan lathaichean.

Thuirt Bana-Dhiùc Sussex nach urrainn dha Lùchairt Bhuckingam a bhith a' sùileachadh gum fuirich i fhèin agus am Prionnsa Harry sàmhach ma tha rudan gan ràdh mun deidhinn nach eil fìor. Bha i a' bruidhinn ri Oprah Winfey ann am prògram a thèid a chraoladh anns na Stàitean Aonaichte air an deireadh-sheachdain. Tha an Lùchairt a' dol a sgrùdadh aithrisean gun robh Meghan ri burraidheachd ann an 2018. Thuirt Meghan gur e ionnsaigh oirre a bh' anns na casaidean.

Tha dùil gun tèid tuilleadh cheistean a chur air a' Phrìomh Mhinistear an-diugh mu mar a làimhsich an riaghaltas gearainean an aghaidh Ailig Salmond. Thuirt Nicola Sturgeon an dè nach robh cuilbheart ann an aghaidh an t-seann Phrìomh Mhinistear. Cuideachd, thuirt na Tòraidhean nach dèan iad an còrr mu phlanaichean airson bhòtaichean cion earbsa an aghaidh a' Phrìomh Mhinistear agus an Leas Phrìomh Mhinistear gus an tèid comhairle laghail a bharrachd a sgaoileadh.

Dh'fhaodadh gun tèid iarraidh air a h-uile sgoilear àrd-sgoile an Alba mascaichean a chur orra ann an seòmraichean teagaisg. An-dràsta, thèid iarraidh dìreach air sgoilearan eadar an ceathramh agus an t-siathamh bliadhna sin a dhèanamh. Ach, tha buidheann comhairleachaidh aig an riaghaltas ag ràdh gum bu chòir an riaghailt a bhith air a leudachadh nuair a thòisicheas sgoilearan a' tilleadh air a' mhìos seo.

Bidh Bun-sgoil agus Sgoil-àraich Steòrnabhaigh dùinte an-diugh agus a-màireach agus ceangal ann eadar an làrach agus cùis ùr Covid-19. Bidh i fosgailte, ge-tà, do chloinn luchd-obrach riatanach. Gheibh pàrantan fios a-màireach mu na bhios a' tachairt an ath sheachdain. Thuirt NHS nan Eilean Siar nach eil ceangal eadar a' chùis sa agus sgapadh Steòrnabhaigh. Dhearbh an t-ùghdarras slàinte gun robh aon chùis às ùr ann co-cheangailte ris a' chlustair sin.

Tha duine a stèidhiche tè dhe na companaidheran PR as motha ann am Breatainn air seasamh sìos. Sgrìobh Gòrdan Beattie, cathraiche Beattie Communications, air LinkedIn nach toireadh a' chompanaidh obair dha daoine dubha, daoine gèidh no Caitligich. Thuirt e bhon uair sin ge-tà nach robh sin ceart agus gur e daoine tàlantach a bha iad a' sireadh. Bha e ag ràdh gun robh e anabarrach duilich mu na thuirt e.