Luach coimearsalta na Gàidhlig

Dh'èirich ceist an fhiach a' Ghàidhlig a chur air rudan a tha gan dèanamh agus gan reic ann an Alba.

Tha seo às dèidh do chompanaidh san Eilean Sgitheanach, Skye Silver, a ràdh nach fhiach an cànan a' chur air an stùth acasan agus gur e 'cànan cèin' a th' innte.

Tha a' chompanaidh a-nis ag ràdh nach robh iad airson dìmeas a dhèanamh air a' Ghàidhlig agus nach eil iad a' faicinn iarrtas airson a leithid.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.