Cladhan Earra-Ghàidheal

Tha dragh air nochdadh ann an cuid de eileanan Earra-ghaidheal mu dè tha gu bhith tachairt ris na cladhan aca san àm ri teachd agus mòran dhiubh faisg air a bhith làn. Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an dùil direach ochd chladhan san sgìre gu lèir a leudachadh, ach chan eil leithid cladh Thiriodh air an liosta sin, rud a tha na adhbhar iomagain dhan a choimhearsnachd. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.