A' Ghàidhlig na "cànan cèin" san Eilean Sgitheanach

An fhiach a’ Ghàidhlig a chur air stuthan a tha gan dèanamh 's gan reic ann an Alba - agus gu h-àraid air a’ Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan?

Tha a' cheist ag èirigh an dèidh do chompanaidh san Eilean Sgitheanach - Skye Silver - a ràdh nach fhiach a’ Ghàidhlig a chleachdadh air na gnothaichean aca, agus gur e "cànan cèin" a th’ innte.

Chaidh an càineadh, 's tha a' chompanaidh a-nis ag ràdh nach robh iad airson dì-meas a dhèanamh air a' chànan - dìreach nach eil iad a' faicinn iarrtas airson a leithid.

Saoil a bheil iad ceart?

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.