Naidheachdan 11:00m

An Lagachadh

Dh'fhaodadh gun tèid riaghailtean Covid a lagachadh an turas seo nas slaodaiche na an turas mu dheireadh a bha glasadh sluaigh ann. Tha ministearan airson 's gum bi riaghailtean nas cruaidhe an sàs a thaobh sgìrean a ghluasad gu ìre nas ìsle de bhacaidhean. Thèid tuilleadh innse feasgar mu na planaichean airson sgoiltean.

Drogaichean

Tha cuid de luchd-meadaigeach ag ràdh gum bu chòir rumannan a stèidheachadh anns na bailtean mòra anns am faodadh daoine drogaichean a ghabhail. Bhiodh seo mar phàirt de dh'oidhirp bàsan co-cheangailte ri drogaichean a ghearradh. Cuideachd tha Colaiste Rìoghail Lìghichean Dhùn Èideann ag iarraidh air riaghaltasan na h-Alba 's Westminster coimhead ris am bu chòir dha a bhith laghail beagan dhrogaichean dhaibh fhèin a bhith aig daoine. Bhàsaich còrr is 1,200 duine an Alba ann an 2019 às dèidh dhaibh drogaichean a ghabhail. Thuirt Riaghaltas Westminster nach eil càil a dhùil aca an lagh atharrachadh.

Comhairle Laghail

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba a' chomhairle laghail a fhuair iad mu chùis Ailig Salmond. Dh'aontaich ministearan seo a dhèanamh às dèidh do bhuill Thòraidheach bhòt cion-earbsa a bhagairt air an Leas-Phrìomh Mhinistear Iain Swinney. Bha Mgr Salmond air an Riaghaltas a thoirt gu lagh 's e mì-thoilichte le mar a làimhsich iad an rannsachadh mu dheidhinn. Tha a' chomataidh a tha a' coimhead ri mar a dhèilig an Riaghaltas ris na gearainnean a' cluinntinn an-diugh bhon Mhorair Tagraidh, James Wolffe.

An A9

Tha am Pandemic air dàil a chur air dùblachadh an A9, a rèir Rùnaire Còmhdhail na h-Alba. Bha e na amas an obair a chrìochnachadh ann an 2025. Thuirt Mìcheal MacMhathain gum bi fios aca air a' chlàr-ama ùr ro dheireadh an t-Samhraidh an dèidh dhaibh bruidhinn ris na companaidhean togail.

HC-One

Tha Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh am measg deich dachannan-cùraim a tha a' chompanaidh HC-One am beachd a reic ann an Alba. Tha iad a' ruith grunn dhachannan-cùraim air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, agus b' ann leothasan a bha dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh far an do bhàsaich deichnear den luchd-còmhnaidh le Covid-19 an-uiridh. Tha a' chompanaidh a' dol a reic 52 taigh-cùraim air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus dùinidh iad ceithir.