'S dòcha nach eil cho fada bhon chaidh am mathan à bith an Alba.

Tha rannsachadh ùr air mapaichean agus beul-aithris a' cumail a-mach gur dòcha nach eil cho buileach fada bho chaidh am mathan donn à bith ann an Alba.

Bha dùil air a bhith ann - gu ruige seo - gun robh co-dhiù 2,000 bliadhna air a bhith ann bho bha iad beò san dùthaich seo mu dheireadh.

Tha an rannsachadh ùr stèidhichte, gu ìre mhòir, air ainmean-àite agus dualchas na Gàidhlig, is iad sin a' sealltainn ainmean leis a' mhathan - no am "math-ghamhainn" - a' nochdadh ann an diofar cheàrnaidhean den dùthaich bho thuath gu deas.

Tha an aithris aig Alasdair MacLeòid.