Mì-thoileachas mu loidsichean an Ulapul

Tha còrr air 200 air cur an aghaidh phlanaichean gus loidsichean làithean-saora a stèidheachadh air a' Bhràigh os cionn Ulapul. Chur iad uile teachdaireachdan air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd agus iad air ceistean a thogail mu thrafaig air an rathad lùbach gu ruige an làraich, agus mun bhuaidh air an t-sealladh os cionn a' bhaile. Tha an aithris seo aig Nicole Webber.