Naidheachdan 11:00m

Bàsan Covid

Thàinig rabhadh bho chomataidh eòlaichean an Riagaltais, SAGE, gum faodadh àireamh a bhàis le Covid ann am Breatainn èirigh gu ceud gu leth mìle. Dh'èirich àireamh a' bhàis an-dè gu ceud agus ceithir mìle. Thèid àireamhan a' bhìorais ann an Alba airson na seachdain seo chaidh seachad fhoillseachadh tràth feasgar an-diugh. Tha dearbhadh ann a-nis air leth-cheud cùis den bhìoras ann an clustair Bharraigh. Thuirt NHS nan Eilean Siar a-raoir gun robh aon chùis ùr ann an-dè. Agus chaidh aon chùis ùr a chlàradh ann an Steòrnabhagh.

Crìochan

Thàinig dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun tèid riaghailtean nas cruaidhe a chur an sàs aig crìochan na dùthcha. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh an-diugh bho Rùnaire na Dùthcha, Priti Patel, mu phlana fon tig air luchd-siubhail à cuid de dhùthchannan cuaraintin a dhèanamh airson suas ri deich là ann an taigh-osta.

Deuchainn-lann

Chaidh stad air a' phlana airson deuchainn-lann mhòr Covid ann an Alba agus ceist ann a bheil feum air an leithid. Bha dùil gum biodh e comasach trì ceud mìle deuchainn a bharrachd gach là a dhèanamh air làrach nach deach ainmeachadh. Thuirt Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach cur sin maill sam bith air duine a tha ag iarraidh deuchainn.

Taic

Tha sgrùdadh air dà phrìomh sgeama taic Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte tron phandemic ag ràdh nach cosgadh e cus a bharrachd airgead a thoirt do dh'fheadhainn nach d' fhuair dad gu ruige seo. Tha an rannsachadh a rinn an t-Institiuid Sgrùdaidh Fioscail dhan BhBC ag ràdh gu bheil ana-ceartas follaiseach anns na sgeamaichean. Thuirt Roinn an Ionmhais gun deach an dealbh airson taic a thoirt dhan fheadhainn as fheumaiche air taic agus airson stad a chur air foill.

Sgoiltean

Tha dùil gun cur Comhairle nan Eilean Siar sanas a-mach a dh'aithghearr airson ceannard ùr do Sgoil Sir E. Scott air an Tairbeart. Tha sin an dèidh co-dhùnadh an-dè, air an do chur muinntir na Hearadh failte, nach bi aon cheannard os cionn trì sgoiltean - Sgoil Sir E. Scott , Sgoil an t-Òib agus Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, Bhòt comhairlichean an-dè cur às dhan phoileasaidh sin far am biodh barrachd air an aon sgoil fo aon cheannard.