Naidheachdan 11:00m

Covid Alba

Thèid am fiosrachadh as ùire mu àireamhan a' Choròna-bhìorais ann an Alba fhoillseachadh an-diugh. Tha beachd làidir ann gu bheil Ìre-sgapaidh R a' bhìorais air tuiteam gu faisg air 1 no beagan nas lugha. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil dearbhadh an sin gu bheil na riaghailtean ag obair, ach gu bheil e ro thràth fhathast na bacaidhean a thogail.

Sasainn

Chaidh feadhainn ann na Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte às àicheadh gum bi iad a'pàigheadh £500 do gach duine ann an Sasainn a gheibh dearbhadh gu bheil Covid-19 orra agus a dh'fheumas fèin-aonranachadh. A rèir an fhiosrachaidh a th' aig a' BhBC, dh'ullaich oifigich am plana ged nach d' fhuair e faisg riamh air a' Phrìomhaire.

Inbhir Ghòrdain

Tha còrr is 100 cùis de Chovid-19 a-niste ceangailte ri dà dhachaigh-cùraim ann an Inbhir Ghòrdain. Bha dearbhadh air a' bhìoras air 29 duine de luchd-còmhnaidh aig Dachaigh-Cùraim Chinn Tìre, agus 21 chùis aig Dachaigh Castle Gardens. Thàinig am bhìoras cuideachd air còrr is 50 den luchd-obrach eadar an dà dhachaigh sin.

Reic

Tha figearan ùra ag ràdh gur ann an-uiridh a bha an crìonadh bliadhnail as motha riamh ann an reic air feadh na Rìoghachd Aonaichte le buaidh a' phandemic. 'S iad bùthainnean aodaich as motha a dh'fhulaing, ged a reic bùthainnean bìdhe còrr is 4% a bharrachd air na reic iad ann an 2019.

Nissan

Rinn luchd-obrach Nissan ann an Sunderland agus companaidhean eile a tha a' reic ris an làraich toileachas ri dearbhadh gu bheil a' chompanaidh chàraichean a' fuireach an sin. Thuirt ceannardan Nissan ann an Iapan gu bheil iad, an dèidh aonta malairt Bhrexit, a' gluasad factaraidh nam bataraidhean aca airson chàraichean dealain gu faisg air làrach Sunderland.

An t-Òban

Chaill boireannach a bha 69 bliadhna de dh'aois a beatha san Òban an dèidh do bhana bualadh innte. Thachair an tubaist mu 6:30f an-raoir.