Naidheachdan 11:00m

Joe Biden

Gabhaidh Joe Biden a bhòidean an-diugh mar Cheann-suidhe sna Stàitean Aonaichte. Bidh 25,000 saighdear an làthair agus dragh ann mu thèarainteachd an dèidh na h-ionnsaigh air togalach a' Chapitol bho chionn cola-deug. Bidh Dòmhnall Trump a' seachnadh na seirbheis. Thuirt an t-Aonadh Eòrpach an-diugh gu bheil dòchas ann a-niste air càirdeas nas fheàrr le Aimeireaga.

Sgoiltean

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gur e tilleadh mean air mhean ris a bheil dùil do sgoiltean na h-Alba nuair a thèid riaghailtean Chovid-19 a thogail. Dh'innis Nicola Sturgeon an-dè gum bi meadhan na h-ath-mhìos ann air a' char as tràithe mus bi faochadh sam bith ann bho na riaghailtean sin. Thuirt Mgr Swinney an-diugh gum bi a' chlann as òige agus feadhainn le feumalachdan sònraichte air a' chiad fheadhainn a thilleas dha na seòmraichean teagaisg, agus na sgoilearan as sine a tha a' feitheamh ri measadh air an cuid obrach. Tha dùil gum fuirich a' mhòr-chuid ag ionnsachadh anns an dachaigh le oideachadh aig astar.

Barraigh

Tha Barraigh agus Bhatarsaigh a-niste anns na riaghailtean as cruaidhe, Ìre 4, le sgapadh a' bhìorais an sin. Bha dearbhadh ann an-raoir air còig cùisean ùra ann am Barraigh, a' toirt na h-àireimh gu lèir on thòisich e an sin gu 45. Tha clustair ùr cuideachd ann an Uibhist a Deas, le trì cùisean dearbhte an sin.

Ros an Ear

Bha dà bhàs le Covid aig dachannan-cùraim air taobh sear Rois. Chaochail fireannach aig Dachaigh Fhodhraitidh ann an Inbhir Pheofharain, agus boireannach aig dachaigh Castle Gardens ann an Inbhir Ghòrdain.

An t-Iasgach

Thàinig dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air £23m de thaic-airgid do ghnìomhachasan iasgaich a tha a' fulang bho thàinig riaghailtean ùra Bhrexit gu buil. Thuirt Seafood Scotland gu bheil iad a' cur fàilte air an airgead, ach gur e a tha a dhìth ach siostam malairt nas fhasa.

Bùthainnean

Tha bùthainnean agus luchd-reic an Alba ag ràdh gu bheil an èiginn as motha ann am bliadhnaichean mòra romhpa agus mìos na Dùbhlachd air an tè as miosa dhaibh o thòisich clàradh. Reic iad 15% nas lugha na reic iad air an dearbh mhìos ann an 2019, agus tha an gnìomhachas ag iarraidh faochadh chìsean airson an cuideachadh ann am Buidseat na h-Alba an ath-sheachdain.