Dòchas mu aiseag ùr Ìle
Dh'fhaodadh gun tig piseach air an trioblaid le dìth àiteachan air aiseagan Ìle as t-samhradh nuair a gheibh an t-eilean aiseag ùr an ceann beagan bhliadhnaichean.
Aig coinneimh a chaidh a chumail air-loidhne, thuirt CMAL gum biodh an t-aiseag ris a bheil iad a' coimhead comasach air 40% a bharrachd de làraidhean a thoirt leatha, agus 30% a bharrachd de chàraichean.
Tha dòchas gum bi an t-aiseag ann an seirbheis ann an 2024.
Tha tuilleadh aig Seonaidh MacCoinnich.
- Air fhoillseachadh
- Earrann
- Naidheachdan