Rabhadh mu bhuaidh Chovid air margaidh na Clòimhe
Tha rabhadh ga thoirt bho bhuidheann Clòimhe Bhreatainn gu bheil Covid-19 air fìor dhroch bhuaidh a thoirt air margaidh eadar-nàiseanta na clòimhe, leis nach eil ach glè bheag de dh'iarrtas air a bhith ann airson leithid bhratan-ùrlair ùra.
Seo agus dragh air a bhith ann o chionn fhada air cho truagh is a tha prìs na clòimhe air a dhol.
Ach tha moladh air tighinn bho Aonadh nan Tuathanach clòimhe a chleachdadh an àite phlastaigs a tha a' dèanamh cron air an àrainneachd.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.
- Air fhoillseachadh
- Earrann
- Naidheachdan