Naidheachdan 11:00m

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, gur dòcha gu bheil e cus a bhith a' sùileachadh gum fosgail na sgoiltean a-rithist an ceann cola-deug aig toiseach a' Ghearrain. Thuirt Mgr Swinney gu bheil teagasg aig astar san dachaigh ag obair an ìre mhath a dh'aindeoin trioblaidean teignigeach. Bidh tuilleadh fiosrachaidh mun t-suidheachadh aig a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, Dimàirt seo tighinn an dèidh coinneimh caibineit Riaghaltas na h-Alba.

'S ann a-màireach a tha riaghailtean Covid nas cruaidhe, a dh'ainmich Nicola Sturgeon Dimàirt, a' tighinn gu bith. Agus tha casg a-niste air siubhal às Aimeireagaidh a Deas dhan Rìoghachd Aonaichte le gnè ùr eile den bhìoras a' tighinn am follais ann am Braisil. Tha an casg sin cuideachd a' toirt buaidh air siubhal à Portugal.

Dh'iarr NHS nan Eilean Siar an leisgeul a ghabhail an dèidh do thrioblaidean còmhdhail dàil a chur ann an deuchainnean Covid à Barraigh. 'S e deich cùisean dearbhte a th' anns an eilean an-dràsta ach thuirt oifigich slàinte gum foillsich iad am fiosrachadh as ùire air a' chiad chothrom.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag ullachadh banachdach do luchd-obrach agus luchd-còmhnaidh air nach eil an Coròna-bhìoras aig dachaighean-cùraim ann an Inbhir Ghòrdain agus ann an Inbhir Pheofharain. Tha sin an dèidh dearbhadh an-raoir gun do dh'èirich an àireamh chùisean sna dachaighean sin gu còrr 's 50.

Thàinig lùghdachadh 2.6% air eaconomaidh na Rìoghachd Aonaichte anns an t-Samhain agus bha torradh GDP na dùthcha 8.5% nas lugha na bha san Fhaoilleach an-uiridh, a' mhìos mus do thòisich a' chiad Lockdown.

Tha Pàrtaidh Làbarach na h-Alba a' coimhead airson ceannaird ùir an dèidh do Richard Leonard an dreuchd fhàgail an-dè. Thuirt e gun do rinn e sin oir tha e den bheachd gu bheil fathannan mu chomas fhèin mar cheannard a' dèanamh cron air a' phàrtaidh.

Chuir Tòraidhean na h-Alba casg rè ùine air an duine a bha am beachd seasamh dhaibh ann an sgìre Pollock Ghlaschu ann an taghadh na h-Alba sa Chèitean. Thuirt na Tòraidhean gum bi iad a' rannsachadh bhriathran Craig Ros a rinn connspaid le a bheachdan air daoine reamhar a bhith a' cleachdadh bhancaichean bìdhe.

Tha fèis Celtic Connections a' tòiseachadh a-nochd le craoladh air-loidhne. Bidh còrr 's 30 consairt bhiortuail ann eadar seo agus an dàrna là den ath-mhìos.