Naidheachdan 11:00m

Bha an àireamh as motha riamh ann an Alba de bhàs le drogaichean ann an 2019 agus ìre nas motha a rèir àireamh sluaigh na bh' ann ann an dùthaich sam bith eile san Aonadh Eòrpach. Bha 1,264 bàs ann, suas 6% bho 1,187 ann an 2018.

Tha ath-sgrùdadh seachdainneal Riaghaltas na h-Alba ann an-diugh air bacaidhean a' Choròna-bhìorais. Cha bhi ann ach aon ath-sgrudadh eile mas bi fuasgladh 'son còig latha ann aig àm na Nollaige a' tòiseachadh air an 23mh den mhìos. Thuirt Priomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun tèid beachdachadh air na h-ìrean anns a h-uile sgìre comhairle, Glaschu, Dùn Èideann agus Siorrachd Obair Dheathain nam measg.

Thàinig ìre a' chion cosnaidh ann an Alba a-nuas eadar an Lùnasdal agus an Dàmhair bho 4.8% gu 4.2%. Tha sin gu math nas lugha na 4.9% air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha ministearan riaghaltais ag ràdh nach eil na figearan a' sealltainn làn bhuaidh a' phandemic oir tha sgeamaichean cobhair an riaghaltais agus fòrladh fhathast a' toirt taic do luchd-obrach.

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' foillseachadh dreach de lagh ùr a chuireadh càin air companaidhean an eadar-lìn nach cuir às do stuth a tha a' dèanamh cron an leithid brosnachadh gu ceannairc neo grumadh òigridh. Chuireadh na molaidhean dleasdanas 'son dìon chloinne air a h-uile meur den eadar-lìon.

Tha Caidreachas na Croitearachd a' ceasnachadh na taic-airgid a thug Riaghaltas na h-Alba agus an t-Aonadh Eòrpach do Cheann-cinnidh MhicLeòid 'son craobhan a chur air an oighreachd aige faisg air Dùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Fhuair Ùisdean MacLeòid mu £1m airson còrr agus 3,500 craobh a chur air seann thuathanas Thobht a' Chòcaire. Thuirt Cathraiche a' Chaidreachais, Yvonne White, nach eil i cinnteach an e sin an dòigh 's fheàrr air airgead poblach a chosg gu feum na coimhearsnachd.

Air fhoillseachadh