Naidheachdan 11:00m

Banachdach

Thuirt riaghladair nan cungaidhean leigheis, MHRA, gum bu chòir do dhaoine aig a bheil eachdraidh de dh'allergy banachdach Covid Pfizer a sheachnadh an-dràsta air eagal 's gun toir i buaidh orra. Fhuair na mìltean a' bhanachdach an-dè ach thug i buaidh allergic air dithis, a tha le chèile ag obair san NHS. Thuirt an NHS ann an Sasainn gu bheil an dithis sin gu math agus a' faighinn seachad air.

Brexit

Thuirt Ministear Oifis a' Chaibineit, Michael Gove, gu bheil cothrom ann fhathast aonta a dèanamh 'son malairt às dèidh Brexit aig còmhraidhean eadar Boris Johnson agus Ceann-suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Ursula von der Leyen, anns a' Bhruiseal a-nochd. Ach thuirt Mgr Gove gur e taobh an EU a dh'fheumas gluasad.

Steòrnabhagh

Chaidh faisg air leth-cheud millean not ainmeachadh 'son cidhe agus cala domhainn a leasachadh ann an Steòrnabhagh le dùil gun tòisich an obair ro dheireadh an t-samhraidh an ath-bhliadhna. Bheir am pròiseact còrr is dà cheud cosnadh dhan sgìre. Chuir Riaghaltas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Comhairle nan Eilean Siar airgead ris a' phròiseact anns am bi goireasan 'son bàtaichean bathair nas motha agus soithichean luchd-turais.

Aiseagan

Thuirt rannsachadh aig Holyrood gur e 'failnigeadh uabhasach' as coireach gu bheil maill agus cosgais mhòr air dà bhàta-aiseig ùr do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha dubh-chàineadh san aithisg a tha ag iarraidh rannsachadh bho bhun gu bàrr air an t-siostam 'son bàtaichean-aiseig ùra fhasdadh do ChalMac. Tha maill còrr is ceithir bliadhna ann agus còrr is dùblachadh ann an cosgais a' phròiseict. Gheall ministearan Riaghaltas na h-Alba stratadsaidh ùr agus pròiseas nas fheàrr.

Foghlam

Thuirt Rùnaire an Fhoghluim, John Swinney, gum faigh tidsearan tuilleadh stiùiridh mas dèan iad measadh air obair bliadhna nan sgoilearan. Tha sin an dèidh dearbhadh an-dè nach bi deuchainnean sgoile àrd ìre ann an ath-bhliadhna. Chuir aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, fàilte air a' cho-dhùnadh sin, ach bha rabhadh aca nach bu chòir coimhead air tidsearan mar luchd-comarrachaidh do bhuidheann riaghlaidh nan deuchainnean.

Tacsidhean

Gheall Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhorbeis, gum bi draibhearan tacsi am measg na gheibh taic anns an sgeama a bhios i ag ainmeachadh feasgar 'son cuideachadh a thoirt do ghnìomhachas tron gheamhradh. Tha na h-aonaidhean a' gearain gu bheil draibhearan tacsi air feadhainn as miosa a tha a' fulang le cion taic agus cion obrach le buaidh a' phandemic.

Air fhoillseachadh