BBC Naidheachdan

Craobh Nollaige Eden Court

'S iomadh àite a dh'fhairich buaidh a' choròna-bhìorais am-bliadhna.

Chaidh cuid de dh'àitichean a dhùnadh ri linn, agus tha cuid ann nach fhaigh an seòrsa teachd a-steach ris am biodh iad an dùil mun àm seo den bhliadhna le na bacaidhean a th'oirnn an-dràsda.

Tha sin fìor do dh'Eden Court an seo ann an Inbhir Nis -'s iadsan gu bhith às aonais phanto. Tha iad air craobh Nollaige a stèidheachadh sa ghàrradh aca am-bliadhna ge-tà - mar chuimhneachan orrasan a chaill am beatha le Covid-19.

Tha an aithris seo aig Cara Coburn.