BBC Naidheachdan

"Stiùireadh a dhìth" bho bhuidhnean Gàidhlig

Tha dìth mhisneachd ann an coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-Eileanan, a tha den bheachd nach eil buidhnean-leasachaidh na Gàidhlig gan stiùireadh neo ag èisteachd riutha.

Sin sealladh an Àrd Ollamh Conchùr Ó Giollagáin air an t-suidheachadh.

Tha esan na àrd rannsaiche aig a' bhuidhinn-sgrùdaidh, Soillse, a chuir crìoch an t-seachdainn seo air sreath choinneamhan stèidhichte air air cor na Gàidhlig ann an trì coimhearsnachdan sna h-Eileanan Siar, Tiriodh agus san Eilean Sgitheanach.

Seo Alasdair MacLeòid.