BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Riaghailtean Covid

Bidh fiosrachadh aig Nicola Sturgeon do Phàrlamaid na h-Alba feasgar mun ath-sgrùdadh air ìrean riaghailtean Covid. Cha bhi lagachadh sam bith ann do sgìrean a tha an-dràsta aig an ìre as cruaidhe, Ìre 4, ron 11mh den mhìos air a' char as tràithe. Ach tha oifigich slàinte poblach a' moladh Obar Dheathain agus Siorrachd Obar Dheathain a chur suas bho Ìre 2 gu Ìre 3.

Sgamhain

Tha rannsachadh ùr ag ràdh gum faodadh Covid-19 a bhith a' deanamh cron air sgamhain dhaoine còrr is trì mìosan an dèidh dhaibh an bhìoras a ghabhail. Chleachd sgrùdadh air deichnear euslainteach aig Oilthigh Oxford siostam scan ùr a sheall cron nach eil na siostaman àbhaisteach a' togail. Thèid rannsachadh gu math nas motha a dhèanamh a-niste a thomhas dè cho farsaing 's tha an seòrsa cron sin.

Debenhams

Thèid stòras Debenhams a reic airson fiachan a phàigheadh an dèidh do JD Sports cùl a chur ri aonta airson cobhair a dhèanamh air a' chompanaidh. Tha còrr is 100 bùth agus 12,000 luchd-obrach aig Debenhams, aig an robh toglaichean air màl bhon bhuidhinn Arcadia a chaidh gu rianachd an-dè.

Brexit

Bidh tuilleadh chòmhraidhean mu mhalairt ann an Lunnainn an-diugh eadar riochdairean na Rìoghachd Aonaichte agus an Aonaidh Eòrpaich. Chan eil ann ach mìos a-niste gus an tig an ùine eadar-amail Bhrexit gu ceann. Tha e coltach gu bheil iad a' tighinn nas fhaisge air a chèile ged nach eil aonta ann fhathast mu chòraichean an iasgaich.

Càball

Dh'innis SSE do bhuidhnean ann an Leòdhas gu bheil iad a' coimhead air càball nas motha a chur an àite na loidhne eadar na Hearadh agus an t-Eilean Sgitheanach a bhrist fo chionn beagan sheachdainean. Agus thuirt iad gu bheil iad den bheachd nach dèanadh càball nas motha na sin dad de chron air an argamaid airson càball ùr nas motha buileach eadar Steòrnabhagh agus Dùn Dhòmhnaill airson dealan a thoirt bho dà thuath-gaoithe mòr coimearsalta ann an Leòdhas.

Duolingo na Gàidhlig

Tha Duolingo na Gàidhlig a' comharrachadh bliadhna bho chaidh an app a stèidheachadh. Tha an àireamh a tha ag ionnsachdh na Gàidhlig le Duolingo air èirigh gu còrr is 500,000 air a' bhliadhna sin. Agus tha leudachadh a thrì uimhir, bhon diugh, air na sgilean cànain Gàidhlig air an App.