BBC Naidheachdan

Adhartas le Hub an t-Òib

Ghabh planaichean airson ionad ùr coimhearsnachd a stèidheachadh san t-Òb anns na Hearadh ceum mòr air adhart agus smachd gu h-oifigeil a-nise aig a' choimhearsnachd air seann sgoil a' bhaile.

Chaidh buidheann-stìuiridh a stèidheachadh san sgìre ann an 2015 leis an amas an togalach a ghabhail os làimhe agus a chur gu feum airson na coimhearsnachd.

Seo Dòmhnall MacLaomainn.