Naidheachdan 11:00m

Banachdach

Tha coltas gun tèid tòiseachadh air banachdach airson a' Choròna-bhìorais a thoirt seachad anns an Rìoghachd Aonaichte an ceann beagan làithean agus Breatainn air a' chiad dùthaich air an t-saoghal a thug cead dhan bhanachdach aig Phizer-BioNTech. Thèid an droga a thoirt anns a' chiad àite do luchd-còmhnaidh ann an dachannan cùraim agus dhan luchd-obrach a tha a' sealltainn às an dèidh.

Sasainn

Thuirt Rùnaire Slàinte Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, Matt Hancock, gun tèid beachdachadh air riaghailtean nas mionaidiche nuair a bhios ath-sgrùdadh ann an ceann cola-deug, air an t-siostam trì ìrean airson Chovid-19 a thàinig gu bith ann an Sasainn an-diugh an dèidh fad mìos de lockdown. Tha na h-uimhir de na Buill-Phàrlamaid Thòraidheach mì-thoilichte gu bheil a' mhòr-mhòr-chuid de shluagh Shasainn anns an dà ìre as cruaidhe de riaghailtean.

Saor-làithean Sgoile

Thèid beachdachadh an-diugh air saor-làithean sgoile na Nollaige an Alba a leudachadh le sgoiltean a' dùnadh air an 18mh là den Dùbhlachd 's a' fosgladh a-rithist air an 11mh là den Fhaoilleach. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gu bheil dùil ri co-dhùnadh ann am Pàrlamaid na h-Alba ro dheireadh na seachdain seo.

Debenhams

Tha làrach-lìn Debenhams fìor thrang agus daoine a' coimhead airson bargain an dèidh dhan chompanaidh a dhol fodha an-dè, agus a' chompanaidh cuideachd a' reic a-mach an cuid stuth sna bùthainnean ann an Sasainn aig a bheil cead fosgladh an-diugh a-rithist.

Tesco

Pàighidh Tesco air ais còrr is leth billean not de thaic-airgid a thug an riaghaltas dhaibh airson an cuideachd tron phandemic. Thug Roinn an Ionmhais faochadh cìse do mhòran chompanaidhean, ach tha Tesco ag ràdh nach eil feum aca air an airgead leis gu bheil iad a' dèanamh nas fheàrr na bha dùil.

BiFab

Thuirt ceann-suidhe na companaidh Canadianaich DF Barnes, dham buin Gàrradh Àranais ann an Leòdhas, gur e briseadh-dùil uabhasach a th' ann nach toir Riaghaltas na h-Alba an còrr taic-airgid dhaibh. Ghabh DF Barnes thairis BiFab, leis a bheil Àranais agus dà ghàrradh eile ann am Fìobha ann an 2018. Tha e air faileachadh air a' chompanaidh obair fhaighinn agus thuirt Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid gu bheil riaghailtean taic-stàite a' ciallachadh nach urrainn dhaibh an còrr airgid a thoirt dhaibh. Dh'innis cathraiche DF Barnes, Jason Fudge, do Chomataidh a' Chumachd ann am Pàrlamaid na h-Alba gur e buille mhòr a tha sin ris nach robh dad de dhùil aca.

Air fhoillseachadh