Naidheachdan 11:00m

Banachdach Oxford

Tha banachdach Oxford Astra-Seneca air gluasad ceum nas fhaisge le mar a chaidh iarraidh air riaghladair meadaigeach na Rìoghachd Aonaichte measadh foirmeil a dhèanamh air dè cho èifeachdach 's cho sàbhailte 's a tha i. Thuirt a' chompanaidh gun dèanadh iad rannsachadh a bharrachd an dèidh mar a sheall dàta an toiseach gun robh a' bhanachdach a' toirt dìon do dhaoine ann an 90% de chùisean nuair a chaidh an dòs atharrachadh.

Oileanaich

Tha deuchainnean a' tòiseachadh do dh'oileanaich na h-Alba aig an deireadh-sheachdain seo. Thathar a' sùileachadh gum bi mu 80,000 dhiubh a' dol dhachaigh airson làithean-saora na Nollaige. Thathar a' tabhainn dà dheuchainn Chovid-19 orra, le trì là eatorra. Ma tha an dà dheuchainn a' dearbhadh nach eil am bhìoras orra faodaidh iad a dhol dhachaigh. Tha cuideachd planaichean ann airson deuchainnean a dhèanamh nuair a thilleas iad aig toiseach na h-ath-bhliadhna gu na diofar oilthighean.

An Nollaig

Agus dh'fhaodadh gun tèid làithean-saora na sgoile air feadh Alba a leudachadh. Tha còmhraidhean air a bhith a' dol mu dheidhinn an leudachadh beagan agus na h-aon làithean dheth a bhith aig gach sgìre chomhairle air feadh na dùthcha seo aig àm na Nollaige.

Sasainn

Agus tha cuideam a' tighinn air ministearan bho chùl-bheingearan Tòraidheach a tha an aghaidh a' chuid as motha de Shasainn a bhith fo riaghailtean teann a' Choròna-bhìorais nuair a thèid an Lockdown a thogail an ath-sheachdain. Bidh 99% den t-sluagh fon dà ìre as teanna a thaobh nan riaghailtean. Bidh buill-phàrlamaid a' bhòtadh air an t-siostam ùr Dimàirt.

BiFab

Thuirt a' chompanaidh BiFab a tha a' ruith Gàrradh Àranais ann an Leòdhas gun robh iad air an uabhasachadh 's gun robh iad air briseadh-dùil fhaighinn leis an naidheachd nach robh Riaghaltas na h-Alba no Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an dùil ionmhas a bharrachd a chur gan ionnsaigh. Thuirt iad nach robh iad air a bhith an sàs ann a bhith a' toirt seachad fiosrachaidh do bhuidhinn-obrach BiFab a bharrachd, agus nach do chuir a' bhuidheann-obrach fios sam bith thuca. Chaidh innse na bu thràithe an t-seachdain seo nach b' urrain an dà riaghaltas an còrr airgid a thoirt dhaibh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh a' chompanaidh Chanadianach a ghabh BiFab thairis, D F Barnes, deònach sgillinn ruadh a chosg air a' chompanaidh. Tha na h-aonaidhean ciùird a' coireachadh an dà riaghaltas.

SSE

Thuirt a' chompanaidh chumhachd SSE gum bi co-dhiù 2027 ann mus bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr. Tha luchd-leasachaidh nan eilean a-nis a' cur teagamh anns an taic a th' aca bhon chompanaidh chumhachd airson phròiseactan ath-nuadhachail a chur air adhart. Cha d' fhuaireadh soilleireachadh a bharrachd bho SSE air cuin a bhiodh càball ùr eadar na Hearadh 's an t-Eilean Sgitheanach air a chur air dòigh, agus am fear a bha ann briste.

Amazon

Tha Amazon a' toirt bonus £300 dhan luchd-obrach anns na h-ionadan stòraidh aca san Rìoghachd Aonaichte aig àm na Nollaige. Tha seo an dèidh mar a dh'èirich na reic iad gu mòr tron phandemic. Thuirt a' chompanaidh gun robh iad airson spèis a shealltainn dha na rinn an luchd-obrach do luchd-ceannaich tron bhliadhna.