Coinneamh mun Ghàidhlig san Eilean Sgitheanach

Gheibh daoine san Eilean Sgitheanach cothrom an ath sheachdain am beachdan a thoirt air staid na Gàidhlig air an eilean.

Bidh an deasbad na phàirt de shreath de choinneamhan a chaidh a chur air dòigh mar thoradh air rabhaidhean a nochd san leabhar 'The Gaelic Crisis in the Vernacular Community'.

Bidh Ball Pàrlamaid Albannach na sgìre, Ceit Fhoirbeis, air a' phanal còmhla ris a' chomhairliche Calum Rothach, agus seann fhear-ghairm Comhairle na Gàidhealtachd, Mìcheal Foxley.

Tha Calum MacLeòid ag aithris.

Air fhoillseachadh