Dragh mu bhuaidh Bhrexit
Feumaidh an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach uimhir 's as urrainn dhaibh a dhèanamh airson aonta malairt a ruighinn agus 39 làithean air fhàgail mus ruith an ùine airson sin a dhèanamh a-mach orra.
Sin beachd Jimmy Gray, cathraiche buidhne-gnìomha Chomhairle na Gaidhealtachd.
Dh'innse e do bhuill an-diugh gu bheil uimhir de mhì-chinnt ann mu dè an suidheachadh a bhios ann air a' cheann thall 's gu bheil e doirbh do dh'ùghdarrasan ionadail agus gnìomhachasan deasachadh iomchaidh a dhèanamh.
Seo Doneil MacLeòid.
- Air fhoillseachadh
- 23 An t-Samhain 2020
- Earrann
- Naidheachdan