Dìon air cladh Bhràgair
Chaidh mòran de chladhan nan Eilean Siar a shuidheachadh air talamh faisg air a' mhuir - talamh a tha nas fhasa a chladhadh agus obrachadh.
Ach tha sin a' fàgail gu bheil mòran àiteachan tìodhlaigidh ann an cunnart agus a' mhuir a' sìor chnàmh a' chladaich.
Tha muinntir Bhràgair ann an Leòdhas san t-suidheachadh sin agus tha iad airson obair a dhèanamh a chuireas dìon air uaighean an sinnsearan.
- Air fhoillseachadh
- 20 An t-Samhain 2020
- Earrann
- Naidheachdan