BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Banachdach Oxford

Sheall deuchainnean farsainn air banachdach ùr dhan Choròna-bhìoras aig Oilthigh Oxford agus Asta-Zeneca, gu bheil i a' cur stad air Covid-19 ann an 70% de chùisean, agus dh'èirich èifeachd na banachdaich gu 90% san fheadhainn a fhuair leth-dhòs an toiseach, agus làn-dòs goirid an dèidh sin. Bha e cuideachd nas saoire, 's nas fhasa a stòradh na tha an dà dhroga eile aig Phizer agus Moderna. Dh'òrdaich an Riaghaltas còrr is 100,000,000 dòs de bhanachdach Oxford, a chuireadh dìon air 50,000,000 duine. Thuirt Rùnaire Slàinte na Rìoghachd Aonaichte Matt Hancock, gur dòcha gum bi a' bhanachdach ri faotainn air an ath-mhìos ma shoirbhicheas na deuchainnean sàbhailteachd.

An Nollaig

Bidh fiosrachadh aig Boris Johson an-diugh mun t-siostam riaghailtean roinneil aig trì ìrean a bhios ann an Sasainn nuair a thig an Lockdown an sin gu ceann air an 2na là den Dùbhlachd. Bidh a-màireach ann ge-tà, air a' char as tràithe mus innis an Riaghaltas dè thachras aig àm na Nollaige, agus còmhraidhean fhathast a' dol air adhart airson plana do cheithir dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte. Tha e coltach gu bheil iad a' beachdachadh mar aon roghainn air cead do thrì dachannan coinneachadh airson suas ri còig làithean.

Sgoiltean

Tha dùil ri fios an-diugh bhon aonadh teagaisg as motha na Alba, an EIS, air am bi baileat ann airson iomairt obrach agus dragh ann mu dhìon thidsearan bhon bhìoras. Tha sgoiltean fosgailte fhathast ann an sgìrean sa bheil na riaghailtean as cruaidhe aig Ìre 4 an Alba. Tha an EIS den bheachd gum bu chòir sgoiltean anns na sgìrean sin gluasad gu foghlam measgaichte le barrachd oideachaidh air-loidhne agus nas lugha ùine san sgoil.

Barraigh

Tha dragh anns a' choimhearsnachd mun atharrachadh a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar am beachd a thoirt air seirbheisean meadaigeach Bharraigh agus Bhatarsaigh. Bhon Ghiblean an ath-bhliadhna tha iad a' cur romhpa nach bi Ionad Meadaigeach Bharraigh a' toirt seachad seirbheis ann an Ospadal an Naomh Brìanan no seirbheis dhotair-teaghlaich taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach. Thuirt an Comhairliche Barrach, Dòmhnall Manford, gum bi dragh ann gus an tig soilleireachd air dè seòrsa seirbheis a tha NHS nan Eilean Siar a' cur nan àite.