Còmhraidhean mu bhith a' cruthachadh barrachd dealain

Tha buidhnean-coimhearsnachd aig a bheil cruinn-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar an dòchas gum faigh iad cothrom tuilleadh chumhachd a chruthachadh fhad 's a tha an càball eadar tìr-mòr agus Leòdhas is na Hearadh briste.

Chan eil SSEN ach air cead a thoirt seachad gus beagan a dhèanamh ach tha còmhraidhean a leantainn an-dràsda eadarra gus leigeal le na buidhnean tuilleadh a chruthachadh.

Seo Eilidh NicAoidh.