Luaidh ga dhèanamh air Iain MacAoidh
Chaochail an seinneadair Gàidhlig Iain MacAoidh aig aois 78.
Choisinn Iain, às an Rubha ann an Leòdhas, Bonn Òir an t-Seann Nòis aig Mòd Nàiseanta Inbhir Nis ann an 1972.
Beagan an dèidh sin choisinn e duais an t-Seann Nòis aig Fèis Phan-Cheilteach Chill Àirne ann an Èirinn.
Bha iarrtas mòr air a shon airson cèilidhean is cuirmean tro na bliadhnaichean.
Tha Doneil MacLeòid a' toirt sùil air ais air a bheatha.
- Air fhoillseachadh
- 20 An t-Samhain 2020
- Earrann
- Naidheachdan