Covid-19 Ìre 4 agus aonaranachd

Tha roinn mhòr de shluagh Alba a' dol gu Ìre 4 a thaobh riaghailtean Covid.

'S tha sin a' dèanamh dragh do dh'iomadh duine a tha a' fulang le aonaranachd.

Tha iomadach pìos rannsachaidh a' sealltainn a' chroin a tha aonaranachd a' dèanamh chan ann a-mhàin air inntinn duine ach air slàinte-bothaig cuideachd.

Tha sgrùdadh ùr a' sealltainn gu bheil stiogma ceangailte ri aonaranachd. Mhìnich an Saic-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid na tha air cùlaibh sin.