BBC Naidheachdan

Sgeama fòrlaidh a' tighinn gu ceann Disathairne

Thig sgeama fòrlaigh an riaghaltais gu ceann Disathairne, agus thèid sgeama ùr a chur na àite. Aig teas mheadhain an glasadh-sluaigh, bha faisg air an treas cuid de luchd-obrach na Rioghachd Aonaichte ga chleachdadh. Bha daoine a' faighinn ceithir fichead sa cheud den turasdal aca fon an sgeam sin, ach leis an sgeama ùr a thathas a'cur an sàs air an ath mhios - chan fhaighear na h-uiread de phaigheadh. Tha dragh ann gun tèid cosnaidhean a chall ri linn. Tha tuilleadh aig Eilidh Ghrannd.