BBC Naidheachdan

Dragh mu phlanaichean CnES

Sgrìobh seann cheannard Comhairle Luchd-teagaisg na h-Alba gu Comhairle nan Eilean Siar a chur an aghaidh a' phoilisidh a chuireadh aon cheannard air grunn sgoiltean.

Tha a chomhairle airson aon cheannard a chur os cionn Sgoil MhicNeacail, Sgoil Sir E Scott agus Bun-Sgoil an t-Òib.

Anns an litir chun Ùghdarras ionadail ge-ta thuirt an t-Ollamh Mata MacIomhair gun lagaich sin inbhe nan sgoiltean agus an t-àite a th' aice anns a' choimhearsnachd.

Chuala tha am fiosrachadh aig Ruairidh Rothach.