BBC Naidheachdan

Riaghaltas na h-Alba “a' deanamh an dicheall” mu BiFab

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' deanamh an dicheall gus garaidhean BiFab ann an Alba a' chumail fosgailte.

Bha am Prìomh Mhinistear a freagairt cheist mun a chùis aig Holyrood Diardaoin.

Aig a cheart àm tha aonadh an GMB air radh gum bu choir do Riaghaltas na h-Alba taic iarraidh bho Westminster a' leigeadh leotha gealltanasan-ionmhais a'thoirt seachad - gus na garaidhean a' chumail fosgailte.

Dhiùlt riaghaltas na h-Alba gealltanasan a' thoirt seachad thuige seo fo riaghailtean tàic-airgid eòrpach, riaghailtean state aid. Seo am fear naidheachd poileataiceach againn, Mìcheal MacNèill.