BBC Naidheachdan

Fios mu ìrean de riaghailtean Chovid-19

Dh'ainmich am Prìomh Mhinistear an diugh na diofar ìrean de riaghailtean Covid a bhios a sàs anns gach sgìre comhairle ann an Alba bho Dhiluain.

Chuireadh na h-Eileanan an Iar, a' Ghàidhealtachd, Arcaibh, Sealltainn agus Moireibh ann an ìre a h-aon ged nach bi e fhathast ceadaichte coinneachadh ann an dachannan a chèile a chiad ghreis co-dhiù.

Cha deach sgìre sam bith a chur dhan ìre is àirde, ged a bha an Riaghaltas a beachdachadh sin a dhèanamh le Siorrachd Lannraig a deas agus Tuath.

Chaidh an cur ann an ìre a trì còmhla ris a chòrr de mheadhan na dùthcha agus Dun Dè.

Tha an aithris seo aig Jenny Inglis.