BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thuirt poilis anns an Fhraing gun deach triùir a mharbhadh ann an ionnsaigh sgìne faisg air Eaglais Chaitligeach ann an Nice. Thuirt Mèar a' bhaile, Christian Estrosi, gur e ionnsaigh ceannairc a bh' anns na thachair aig basilica Notre Dame. Chaidh an duine a thathar a' smaoineachadh a bha os cionn na h-ionnsaigh a thoirt don ospadal agus e air a ghoirteachadh às dèidh do na poilis losgadh air le gunna.

Tha Coimisiean na Co-ionnannachd agus Chòirichean Daonna air co-dhùnadh gun do bhris am Pàrtaidh Làbarach laghan co-cionnannachd nuair a làimhsich iad gearanan mu ghràin an aghaidh Iudhach. Thuirt an coimisean gu robh am pàrtaidh air brath a ghabhail agus leth-bhreith a dhèanamh air daoine fo cheannas Jeremy Corbyn co-cheangailte ris a' chùis.

Tha dùil gun tèid innse feasgar mu na h-ìrean anns am bi sgìrean comhairle na h-Alba san t-siostam ùr gus dèiligeadh ris a' choròna-bhìoras. Bheir Prìomh Mhinistear na h-Alba seachad am fiosrachadh mu na diofar ìrean mus tèid an cur an sàs Diluain.

Tha an sgrùdadh bho Cholaiste Ìmpearach Lunnainn a' dèanamh dheth gu bheil cha mhòr 100,000 duine an Sasainn a' glacadh a' choròna-bhìorais gach là. Thuirt an luchd-rannsachaidh gu bheil an dùthaich a-niste aig ìre èiginnich a thaobh dàrna suaile den ghalar.

Chuir Rùnaire Slàinte na h-Alba dìon air mar a dhèilig Riaghaltas na h-Alba ri mar a chaidh seann euslaintich a ghluasad bho ospadalan gu dachannan-cùraim aig toiseach èiginn a' Choròna-bhìorais. Bhàsaich cha mhòr 2,000 neach-còmhnaidh ann an dachanan-cùraim na h-Alba le Covid-19, sin cha mhòr an dàrna leth dhe na bhàsaich uile gu lèir ann an Alba leis a' ghalar. Thuirt Jeane Freeman, ge-tà, nach eil fianais ann a tha a' sealltainn gur iad euslaintich a fhuair dearbhadh de Chovid-19 agus a chaidh a chur gu dachaighean-cùraim a bu choireach airson mar an sgap am bhìoras annta.

Chuir an riaghaltas amas romhpa fhèin gu leòr cumhachd a chruthachadh le tuathan-gaoithe mara gus dealan a chumail ri 8,000,000 dachaigh. Chaidh 15 sgìrean a chomharrachadh far am faodadh tuathan-gaoithe a bhith, le trì dhiubh sin ann an ceann a tuath Leòdhais. Tha connspaid air a bhith ann bho chionn ghoird ge-tà mu mar a chaidh cùmhnantan-obrach airson tuathan-gaoithe far chosta na h-Alba gu companaidhean cèine seach gàrraidhean ionadail.

Chaidh nighean òg, 14, a chur an grèim fo amharas gun do mhuirt i fireannach ann an Sussex an Iar. Chaidh an duine, 24, a lorg air sràid ann an Crawley oidhche Mhàirt.