BBC Naidheachdan

Tuath-gaoithe Beinn Ghrìdeag na tàmh airson cha mhòr bliadhna

Thuirt Urras an Rubha agus Shandabhaig, aig a bheil tuath-gaoithe Bheinn Ghrìdeag ann an Leòdhas, nach tèid aca air cumhachd a chruthachadh airson cha mhòr bliadhna.

Seo an dèidh dhan chàball dealain a tha a' ceangal nan eilean ri tìr-mòr briseadh bho chionn cha mhòr ceala deug.

Thuirt an t-urras nach fhaigh iad teachd a-steach agus gun toir sin buaidh mhòr air an airgead a bhios iad a' toirt seachad do dhiofar bhuidhnean agus pròiseactan ionadail.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.