BBC Naidheachdan

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh cead coinneachadh a-staigh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh gun tèid an casg air a bhith a' coinneachadh am broinn dhachannan a chèile a thogail ma 's e is gun tèid an sgìre a chuir aig Ìre a h-aon.

Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh roimhe ge-ta gur dòcha nach bi seo comasach a chiad ghreis co-dhiù.

Tha dùil gun tig fios mu na h-ìrean Diardaoin.

Tha Nicole Webber ag aithris.