BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Ìrean

Tha dùil gum faigh comhairlean ionadail a-mach a-màireach dè dìreach na riaghailtean a bhios anns na sgìrean aca fo shiostam ùr ìrean an Riaghailtais airson dèiligeadh ris a' choròna-bhìoras. Thuirt am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, gum biodh cothrom aig taighean-seinnse agus taighean-bìdh ann am moran sgìrean air deoch-làidir a reic a-staigh bhon ath-sheachdain. Ach ann an sgìrean a thèid a chomharrachadh mar Ìre 3 - bidh cothrom aig taighean-seinnse fosgladh airson àm sònraichte gach là - ach cha bhi cead aca deoch-làidir a reic. Thathar a' creidsinn gum bi a' chuid as motha de mheadhan na dùthcha fo na riaghailtean a tha seo.

Ospadalan

Thuirt an t-àrd ollamh Sir Mark Walport, seann àrd neach-comhairleachaidh saidheansail an Riaghaltais, a tha cuideachd na phàirt de bhuidhinn SAGE, gum faodadh an àireamh dhaoine air a bheil Covid-19 anns an ospadal dùblachadh an ceann seachdain neo dhà. Thuirt e gu bheil e riatanach dha-rìreabh gun cùm duine sam bith air a bheil comharran den ghalair iad fhèin fa leth bho dhaoine eile.

Tha NHS Ghlaschu is Chluaidh air seachd uàrdan deug a dhùnadh gu euslaintich ùra air sàilleabh sgapadh Covid-19 ann an ospadalan. Thuirt am bòrd-slàinte gun robh iad a' toirt leigheas do chòrr air 600 euslainteach air a bheil an coròna-bhìoras ann an ospadalan air feadh na sgìre aca.

Fòrladh

Tha rannsachadh bhon bhuidhinn Bunait Resolution air co-dhùnadh gur iad daoine òga agus luchd-obrach bho mhion-shluaigh a bu choltaiche na dreuchdan aca a chall às dèidh fòrladh. Fhuair iad gun robh 19% de dhaoine aois eadar 18 agus 24, agus a bh' air fòrladh tron lockdown, as aonais obair air a' mhìos a chaidh seachad. Bha an àireamh sin aig 22% do mhion-shluaghan, an taca ri 9% do dhaoine sa chumantas.

Ailig Salmond

Tha Ailig Salmond air iarraidh gun tèid rannsachadh feuch an do bhrist Nicola Sturgeon còd nam ministreachd a leudachadh a-mach. Chuir am Prìomh Mhinistear i fhèin air adhart airson an sgrùdaidh le panal neo-eisimileach feuch an robh i air riaghailt sam bith a bhriseadh nuair a nochd gearainnean an aghaidh Mhgr Salmond. Thuirt Nicola Sturgeon gun robh i air i fhèin a ghiùlain ann an dòigh a bha iomchaidh agus ceart. Ach tha Mgr Salmond ag ràdh nach eil an sgrùdadh a' dol fada gu leòr agus gum bu chòir coimhead air rudan eile.

BiFab

Thathar a' cur ìmpidh air Riaghaltas na h-Alba gàrradh Àranais an Leòdhas a thoirt bhon chompanaidh BiFab. 'S ann le HIE a tha an làrach. Bha am ball Làbarach airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann am Pàrlamaid na h-Alba, Rhoda Ghrannd, a' bruidhinn às dèidh mar a chaidh cùmhnantan-obrach airson tuathan-gaoithe aig muir anns a' Chuan a Tuath a thoirt do chompanaidhean cèin. Thuirt labhraiche do Riaghaltas na h-Alba gun dèanadh iad an dìcheall gus BiFab a chuideachadh ach gu bheil aca ri na riaghailtean a leantainn a thaobh taic-stàite.