BBC Naidheachdan

Sìostam ùr le diofar ìrean airson dèiligeadh ri Covid-19 ga fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba fiosrachadh mu shiostam ùr anns a bheil còig ìrean eadar-dhealaichte de bhacaidhean ann an oidhirp dèiligeadh ris a' choròna-bhìoras.

Bidh e comasach, fo na riaghailtean ùra, bacaidhean a'stèidheachadh aig ìre ionadail a-rèir 's mar a tha am bhìoras a' sgapadh.

Tha an aithris seo aig Fionnlagh Cunniffe.