BBC Naidheachdan

Naidheachdan 11:00m

Thèid an siostam ùr iomadh-ìre a thèid a chur an sàs ann an Alba air an ath mhìos fhoillseachadh leis a' Phrìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an-diugh. Bidh còig ìrean de bhacaidhean ann, agus an riaghaltas airson cothrom a thoirt do phàirtean dhen dùthaich far nach eil coròna-bhìoras aig àirde na cuingealachaidhean as cruaidhe a sheachnadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air tuilleadh soilleireachaidh iarraidh bho Roinn an Ionmhais air an cùl-taic a gheibh gnìomhachasan a tha a' fulang ri linn riaghailtean Chovid. Thuirt Rùnaire an Ionmhais, Ceit Fhoirbeis, seach gu bheil an t-airgead a dh'fhoillsich Rishi Sunak an-dè stèidhichte air feumalachdan ghnothachasan ann an Sasainn, gur dòcha nach bi gu leòr ann airson cùl-taic a chumail ri companaidhean ann an Alba. Tha gnìomhachasan aoigheachd ann am meadhan Alba, a th'air a bhith dùinte fad cola-deug a-nis, air a bhith a' gearan nach eil iad a' faighinn cuideachaidh gu leòr bhon riaghaltas.

Chaidh iomairt Dearbh is Dìon a chur air chois ann an Leòdhas às dèidh mar a chaidh trì cùisean de choròna-bhìoras a chlàradh air an eilean. Thuirt NHS nan Eilean Siar gun deach aon de na h-euslaintich a thoirt a steach dhan ospadal airson ùine ghoirid, ach gu bheil an triùir a-nis a' fèin-aonranachadh nan dachaighean fhèin.

Sgeama fòrlaidh fo sgrùdaidh

Fhuair rannsachadh a chaidh a dhèanamh am measg luchd-obrach a chaidh a phàigheadh fo sgeama fòrlaidh an riaghaltais gun deach iarraidh air aon anns gach deich dhiubh cumail orra ag obair - a dh'aidhneoin 's gun robh sin an aghaidh riaghailtean na sgeama. Tha Oifis Nàiseanta a' Mhodh Sgrùdaidh, a tha a' cumail sùil air mar a tha airgead poblach ga chosg, ag ràdh gum faodadh gun do chaill an riaghaltas suas ri ceithir billean not ri linn na foille.

Tha dragh ann mun chall a dh'fhuilingeas tuathan-gaoithe coimhearsnachd ann an Leòdhas agus na Hearadh, agus coltas ann gum bi suas ri bliadhna ann mas tèid aca air dealan a reic ris a' ghriod nàiseanta a-rithist. Tha a' chompanaidh SSEN air innse gur ma dh'fhaoidte gun toir e cho fada sin airson an càbal dealain eadar an t-Eilean Sgitheanach agus na Hearadh a chàradh.

Chaidh rannsachadh poilis a chur air chois ann an Dùn Èideann às deidh mar a chaidh deugaire èigneachadh ann an raon eaglaise sa bhaile a bhòn-raoir. Chaidh ionnsaigh a thoirt air an nighinn, a tha 17, aig Eaglais Paraiste Lìte a Deas, timcheall air uair sa mhadainn, madainn Dhiardaoin. Tha poilis ag iarraidh air neach sam bith le fiosrachadh mu na thachair brath a leigeil thuca.

Fianais ga thogail aigInbhir Ghrainnse

Tha luchd-iomairt an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde air a bhith a' togail fianais taobh a-muigh fìneadair-ola Inbhir Ghrainnse. Tha buill den bhuidhinn Extinction Rebellion air a bhith a' feuchainn ri stad a chur air carabadan a bhith a' tighinn agus a' falbh, agus iad air bàtaichean a chleachdadh airson dà rathad a dhùnadh. Tha iad air Ineos, a' chompanaidh leis a bheil ionad Inbhir Ghrainnse, ainmeachadh mar aon de na truailleadairean as miosa ann an Alba. Tha fianais cuideachd ga thogail taobh a-muigh prìomh oifisean na companaidh ann an Lunnainn.