BBC Naidheachdan

Spòrs Gàidhlig gu bhith a' sireadh barrachd airgid

Dh'innis a' bhuidheann Spòrs Gàidhlig a tha a' cur thachartasan air dòigh do dhaoine òga, gum bi iad a' sireadh barrachd airgid bho Bhòrd na Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gun tèid aca air cumail a' dol an ath-bhliadhna.

Dh'iarr iad cead gus an t-airgead a fhuair iad bhon Bhòrd cheanna a chleachdadh gus an luchd-obrach a chumail ann an dreuchd.

Tha a' bhuidheann an ìre mhath misneachail - a dh'aindeoin na buaidhe a thug riaghailtean a' Choròna-bhìorais orra thuige seo - gum bi iad ann airson greis fhathast.

Tha an sgeulachd aig Eileen NicDhòmhnaill.