BBC Naidheachdan

Ath-nuadhachadh air seann mhuileann Gharraboist?

Dh'fhaodadh ath-nuadhachadh a thoirt air seann mhuileann Gharraboist san Rubha ann an Leòdhas mar phairt de dh'iomairt 'son dualchas gnìomhachais na sgìre a thoirt beò a-rithist.

Tha a' bhuidheann Garrabost Gnìomhach a' beachdachadh air am muileann a ghabhail os làimh as leth na coimhearsnachd.

Tha iad cuideachd airson coimhead air seann fhacatoraidh bhreigichean agus loidhne rèile a bhathas a' cleachdadh airson moine a thoirt do stailean paireafain.

Tha an aithris seo aig Dòmhnall MacLaomainn