BBC Naidheachdan

Moladh mu chìsean mu choinneamh Airbnb

Chaidh moladh do dhaoine a tha a' faighinn teachd-a-steach bho bhith a' leigeil àiteachan a-mach air Airbnb dèanamh cinnteach gu bheil na gnothaichean aca ann an òrdugh a thaobh na tha iad a' pàigheadh de chìsean.

Seo agus Airbnb air fiosrachadh a thoirt seachad do HMRC, ag innse mun a h-uile duine ann am Breatainn a tha a' leigeil àiteachan-fuirich a-mach tron t-seirbheis, agus na tha iad a' faighinn de dh'airgead tromhpa.