BBC Naidheachdan

Mòd bhiortail na bhuannachd thall thairis

Ged nach fhaicear am Mòd Nàiseanta Rìoghail san chruth àbhaisteach am-bliadhna, bha cothrom ann fhathast iarrtasan a chuir a-steach air-loidhne airson co-fharpaisean bhiortail.

Chìthear cuid dhiubh sin air na meadhanan soisealta an t-seachdain seo fhèin, ach dh'fhaodadh gun tug an cruth ùr seo cothrom a bharrachd do dhaoine a tha a' fuireach thall thairis pàirt a ghabhail anns an tachartais.